Drochaid ùr a dhìth an Siorrachd Inbhir Narann

  • Air fhoillseachadh
An Drochaid BhànTùs an deilbh, Geograph/John Allan
Fo-thiotal an deilbh,
Tha a' Chomhairle am beachd casg a chur air carbadan troma air an drochaid, ach tha muinntir an àite an aghaidh sin.

Tha muinntir Chaladair ann an Siorrachd Inbhir Narann ag ràdh gur e drochaid ùr a tha a dhìth seach plana Comhairle na Gàidhealtachd 'son casg a chur air trafaig air an Drochaid Bhàin san sgìre.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil an Drochaid Bhàn, tarsainn Uisge Narann eadar Caladair agus Clephanton, ann am fior dhroch staid, agus tha iad a' dol a chur casg air carbadan mòra, troma oirre.

Ach tha casg air drochaid eile san sgìre mar thà - shuas an abhainn ann an Cantra - a tha a' ciallachadh gum feum daoine a dhol taobh Inbhir Narann.

Chaidh an drochaid a thogail ann am meadhan na 18mh Linn, mar phàirt de rathad an airm eadar Cùpair Aonghais agus Dùn Deòrsa.

Làraidhean is Tuathanaich

"Gun teagamh chan eil an drochaid làidir. Cha robh i riamh airson innealan mòra. Tha mi cinnteach gur each is cairt an rud a bu mhotha a bha a' dol seachad air an drochaid sin nuair a chaidh a togail," thuirt Chrissie NicDhòmhnhaill, a tha a' fuireach san sgìre.

"Ach chan eil roghainn aca, feumaidh iad a dhol tarsainn oirre no a dhol gu Inbhir Narann.

"Ach 's e drochaid ùr a tha a dhìth - ach cuin a thig sin?

"Mar a tha a h-uile àite eile tha iad ag ràdh nach eil airgead aca airson rudan mar sin.

"Ach feumaidh iad rudeigin a dhèanamh.

"Tha an drochaid cho caol co-dhiù. Tha na h-innealan a-niste cho leathann, 's tha iad a' bualadh sna taobhan aice nuair a tha iad a' dol seachad 's chan eil seo gu cuideachadh nas motha.

"Tha an casg gu bhith cianail doirbh do thuathanaich agus do luchd-obrach na coille.

"Tha an t-uabhas de na làraidhean le fiodha a' tighinn tarsainn air an drochaid a tha sin, agus tuathanaich aig a bheil talamh air gach taobh dhith, feumaidh iadsan a dhol astair cianail airson faighinn dhachaigh - gu h-àraid aig àm saoidhleid agus àm an fheòir agus àm buain an arbhair is eile. Cho fada ri Inbhir Narann agus an uair sin tilleadh air ais timcheall.

"Gu h-àraid na làraidhean mòra. Tha rathaidean Inbhir Narann dona gu leòr mar thà.

"Agus an rathad eile a dh'fheumadh iadsan a ghabhail tha e cho caol. Chan fhaigheadh dà làraidh no dà inneal mòr seachad air a chèile.

"'S e drochaid ùr a tha a' choimhearsnachd ag iarraidh, gun teagamh sam bith, agus 's e sin a dh'fheumas iad," thuirt i.