Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Morair Ashcroft

Tha am Morair Ashcroft, a bha na Leas-Chathraiche air a' Phàrtaidh Thòraidheach, a' dol às àicheadh gur ann a' dèanamh dìoghaltas air Dàibhidh Camshron a tha e an dèidh leabhar fhoilleachadh a' tilgeil chasaidean air a' Phrìomhaire. Anns an leabhar, a tha ga fhoillseachadh na earrainnean anns an Daily Mail, tha am Morair Ashcroft a' togail chasaidean mu dhol-a-mach Mhgr Chamshroin nuair a bha e na oileanach aig Oxford. Tha e ag ràdh cuideachd gum b' aithne dhan Phrìomhaire ann an 2009 gun robh am morair a' seachnadh chìsean le cunntais bhanca ann an dùthchannan eile, ged a thuirt am Prìomhaire fhèin ann an 2010 gur ann an uair sin a chuala esan mu dheidhinn an toiseach. Thuirt Sràid Downing nach eil iad a' gabhail ri dad de na casaidean sin.

Na Làbaraich

Thuirt Eanraig MacIllÌosa, a bha na cheannard air na Làbaraich ann an Alba, gum bi e iongantach ma bhios an cead fhèin aig buill na pàrtaidh air an seasamh air neo-eisimeileachd. Bha esan a' bruidhinn an dèidh dhan cheannard a th' ann an-dràsta, Kezia Dugdale, a bhith ag ràdh nach cuireadh ise bacadh air buill Làbarach ann an Westminster no ann an Holyrood nam biodh iad ag iarraidh bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Thuirt Leas-Cheannard nan Làbarach, Tom MacBhàtair, gu bheil esan gu math cinnteach nach gluais Buill Phàrlamaid Làbarach dha na Libearalaich Dheamocratach leis gu bheil iad mì-thoilichte le Jeremy Corbyn mar cheannard ùr. Tha seo an dèidh na thuirt fear de na h-àrd-bhuill Lib-Deamach, Sir Vince Cable, a tha den bheachd gum fàg na h-uimhir de na buill Làbarach am pàrtaidh.

Fògarraich

Tha a h-uile coltas gur ann air èiginn nam fògarrach as motha a bhios aire Phrìomh Mhinisteir na h-Alba, Nicola Sturgeon, agus Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Philip Hammond, aig còmhraidhean ann an Lunnainn an-diugh. Gheall Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte 20,000 fògarrach Sirianach a ghabhail air an ath-chòig bliadhna. Ach tha Nicola Sturgeon den bheachd gum bu chòir barrachd na tha sin a dhèanamh.

Cal Mac

Tha e air tighinn am follais gu bheil Caledonian Mac a' Bhriuthainn air còrr is £300,000 a phàigheadh ann an airgead-dìolaidh do dhaoine a ghearain mu sheirbheisean nach do sheòl no a bha fadalach. Tha seo an dèidh atharrachaidh san lagh ann an 2012 a tha a' toirt cothrom do dhaoine airgead iarraidh ma thèid maill air an t-seirbheis aca.

Iomairt Teasairginn

Tha sgiobannan teasairginn a' coimhead an-diugh a-rithist airson fear air nach eil sgeul an dèidh dha a dhol a shnàmh faisg air Drochaid an Eilein Sgitheanaich sa mhadainn an-dè. Chuir teaghlach Anndra Ghòrdain, a tha 54 agus a bhuineas do Lodainn an Ear, fios air na seirbheisean èiginn mu 12:00f an-dè nuair nach do thill e nuair a bha dùil ris.