Pròiseict an Fhosfoir an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Feamainn
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Uist Asco ag obair ann an gnìomhachas na feamad.

Fhuair companaidh ann an Uibhist a Tuath airgead 'son pròiseict rannsachaidh 'son fosfor a thoirt às uisge na mara agus a ghlèidheadh ann an dòigh sheasmhach, uaine.

Bha Uist Asco, a tha an sàs ann an obair na feamad, am measg seachd companaidhean bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte a fhuair £40,000 gach companaidh.

'S iad Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a tha os cionn na sgeama-taice, a tha ag amas air companaidhean a bhrosnachadh leithid fosfor is stuthan ceimigeach eile ann an uisge a ghlèidheadh agus a chur gu feum ann an dòigh sheasmhach.

'S ann aig ìre-rannsachaidh a tha an gnothach an-dràsta agus Uist Asco ag obair còmhla ri Oilthigh York.

Feallsanachd

'S e feallsanachd a' ghnothaich gun gabh am fosfor a thoirt às an uisge agus a stòradh is an uair sin a chur gu feum ann an dòigh uaine air a' cheann thall.

"S e an rud a th' ann, tha am fosfor a tha sin gus teiriginn là air choireigin", thuirt stiùiriche Uist Asco, Raghnall MacIain.

"An obair air a bheil sinn ag obair an-dràsta, tha sinn dìreach a' feuchainn ri a shàbhaladh agus a chaomhnadh.

"Mar a tha sinn ag obair air an rud seo an-dràsta, bidh an fheamainn ga shuathadh suas agus gabhaidh sgaoileadh air an talamh a-rithist.

Dòchas

"Bidh sinn an dòchas gum gabh an aon fosfor a sgaoileadh air an talamh grunn thursan", thuirt e.

Ma bhios na deuchainnean aig ìre-rannsachaidh soirbheachail, bidh cothrom aig Uist Asco a dhol gu farpais eile faisg air deireadh na bliadhna.

Thèid £400,000 a roinn an uair sin eadar ceithir de na seachd companaidhean.

Gheibh na companaidhean soirbheachail £100,000 gach companaidh gus na pròiseictean aca a thoirt gu buil.