Linn 'Diablo' a' tighinn gu ceann
- Air fhoillseachadh

Thàinig linn ann an eachdraidh Camanachd Leòdhais gu ceann air an deireadh-sheachdain is manaidsear a' chluba, Iain 'Diablo' Mac na Ceàrdaich, ag innse gu bheil e a' fàgail a dhreuchd.
Chaidh Mgr Mac na Ceàrdaich dhan dreuchd ann an 2013 is Pòl Duke air leigeil fhaicinn gun robh e 'son làn-aire a chur air cluich dhan sgioba.
Bha soirbheachas aig deireadh na ciad bliadhna aig Iain is na Leòdhasaich a' seachnadh àite aig bonn Lìog Tuath 3 le puing luachmhor an aghaidh Inbhir Nis aig Pàirc a' Bhucht air an là mu dheireadh den t-seusan.
Thàinig an uair sin adhartas iongantach ann an 2014, leis na Leòdhasaich a' buannachadh aig an taigh an aghaidh leithid Chill Mhàillidh is Cabair Fèidh air an t-slighe dhan dàrna àite san lìog.
Bha dùbhlan ùr ann an 2015 le crathadh eile air na farpaisean a' fàgail Camanachd Leòdhais ann an Lìog Tuath 2.
Buaidh
Dhèilig iad ris an dùbhlan ge-tà, is bha làithean mòra eile ann, buaidh an aghaidh Both Fhleisginn ann am Farr nam measg, is na Leòdhasaich an-dràsta san 7mh àite san lìog.
Thàinig an seusan aca gu ceann Disathairne le call aig an taigh an aghaidh Obar Dheathain, agus b' ann às dèidh làimh a dhearbh Mac na Ceardaich gum fàg e dreuchd a' mhanaidseir aig coinneimh bhliadhnail a' chluba.
"Bha an dreuchd agam trì bliadhna agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin ùine gu leòr 'son duine a bhith a' gabhail na dreuchd, is gu bheil an t-àm ann toirt cothrom do chuideigin eile", thuirt Iain.
"Tha iomadh cuimhne agam, iomadh tadhal is iomadh là math tro na trì bliadhna sin ach 's e a' chuimhne as fheàrr a th' agam ann an dòigh, ged a tha iad uile math, 's e nuair a rinn sinn an gnothach air Cabair Fèidh an seusan seo.
Còmhradh ri Iain 'Diablo' Mac na Ceàrdaich.
"Bha iadsan air ceann na lìge aig an àm agus 's e geama air falbh a bh' ann cuideachd", thuirt e.
Ged a tha Iain a' fàgail dreuchd a' mhanaidseir, bidh e na fhaochadh dha na Leòdhasaich nach eil e idir an dùil a chùl a chur ris an spòrs.
"S e am prìomh amas a th' agam ann an dòigh, 's e a' cumail dhaoine a' cluich iomain san eilean agus gum bi sinn a' fàs na h-àireimh de dh'òigridh, balaich agus nigheanan a tha a' cluich, oir 's e iadsan na sgiobaidhean a tha gu bhith againne anns na bliadhnaichean ri thighinn".
'S ann gu mòr ri sùil air sin a bha Iain le lìog ùr a stèidheachadh ann am Bun-sgoil Steòrnabhaigh, is tha e dòchasach gun tog an club air gach soirbheachas a bh' aca thuige seo.
Bu chòir dhan chluba leantainn orra gan stèidheachadh ann an Lìog Tuath 2, tha e ag ràdh, is sùil cuideachd a thoirt uaireigin air feuchainn air na cupanan às ùr, agus fiù 's meòrachadh air dàrna sgioba a chur air dòigh.
Ìre eile
Rona sin, feumaidh iad meòrachadh aig a' choinneimh bhliadhnail air an ath-mhìos air cò ghabhas obair a' mhanaidseir - agus dùbhlan Camanachd Leòdhais a ghluasad air adhart ìre eile - os làimh.
Bidh as bith cò bhios ann a' faighinn gach taic bho Iain Mac na Ceàrdaich, tha fios, agus 's dòcha gum faigh iad far-ainm às cuideachd.
"S e a' chiad gheama aig an taigh, a' chiad gheama iomain lìge air an eilean, agus bha tòrr thrioblaidean againn a' faighinn deiseil airson a' gheama sin", tha Iain ag ràdh.
"Chuir cuideigin post-d thugam ag ràdh cho math 's a bha an geama is a h-uile càil mu dheidhinn, ach gun robh an t-eagrachadh "diabolical".
"Thuirt mi rium fhìn, deagh ainm a tha sin, I'll have that".
Ma tha an ath thrì bliadhna a cheart cho "diabolical", cha tèid Camanachd Leòdhais fada ceàrr.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An t-Sultain 2015