Ceist mu sheasmhachd oighreachdan seilge

Seilg Image copyright PA
Image caption Fhuair an aithisg gun do rinn an dà oighreachd call còrr is £4.5m eatorra air a' bhliadhna ionmhais mu dheireadh.

Fhuair rannsachadh acadaimigeach gu bheil dragh mu sheasmhachd oighreachdan seilge na circe-faoiche air sgàth an uallaich a th' air uachdarain mu reachdas ùr fearainn agus an ìmpidh a tha iad ag ràdh a tha air a chur orra gu poileataigeach.

Rinn Colaiste Dùthchail na h-Alba sgus Colaiste an UHI ann am Peairt rannsachadh ann an dà sgìre: Gleanntan Aonghais agus Beanntan a' Mhonaidh Lèith.

Fhuair iad gun robh a' mhòr-chuid a bha a' fuireach faisg air oighreachdan seilge den bheachd gun robh an gnìomhachas a' cur ris an eaconamaidh ionadail.

Bha 53% de na daoine dhan deach fhaighneachd sa Mhonadh Liath den bheachd gun robh na h-oighreachdan a' toirt buannachd do dh'eaconamaidh an àite tro chosnaidhean agus airgead bho luchd-tadhail.

Ann na Gleanntan Aonghais, bha am figear sin aig 70%.

Fhuair an rannsachadh cuideachd gun robh na h-oighreachdan san dà sgìre a' dèanamh call, seach prothaid - call còrr is £4.5m eadar an dà oighreachd an-uiridh.

Cho-dhùin an aithisg gu bheil, ri linn cho beag 's a tha iomall ionmhais nan oighreachdan seilge, agus ri linn dragh a th' air uachdarain mu ath-leasachadh an fhearainn, na h-uimhir de mhì-chinnt ann a thaobh in-ionmhais san ùine fhada.