Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Imrichean

Bidh Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, còmhla ri ministearan eile an Aonaidh Eòrpaich anns a' Bhruiseil feasgar an-diugh ag amas air aonta mu na fògarraich is luchd-imrich. Tha Breatainn ag ràdh nach gabh i pàirt ann an siostam cuota, agus tha mòran de na dùthchannan eile ann am meadhan agus air taobh sear na h-Eòrpa nach eil deònach gabhail ri sin nas motha. Tha na Dùthchannan Aonaichte ag ràdh nach dèan plana an AE airson 120,000 imrichean a roinn air feadh na h-Eòrpa mòran feum dhan t-suidheachadh leis an àireimh mhòir a tha a' tighinn dhan Roinn Eòrpa a bharrachd air sin a h-uile là.

Cumhachd Ath-Nuadhachail

Thuirt an Caidreachas airson Malairt is Gnìomhachais (CBI) gu bheil gearraidhean an Riaghaltais ann an subsadaidh do chumhachd ath-nuadhachail a' cur tilleadh air buidhnean a bhiodh deònach airgead a chur an sàs anns a' ghnìomhachas. Thuirt ceannard an CBI, John Cridland, gum feum misneachd a bhith aig companaidhean gu bheil an Riaghaltas dha-rìribh ag amas air dèiligeadh ri atharrachadh na h-aimsire.

Tha na trì comhairlean eileanach ag ràdh gun tug iadsan misneachd à coinneimh le ministearan cumhachd Bhreatainn agus na h-Alba an-dè le dùil a-niste ri co-dhùnadh Eòrpach an taobh a-staigh dà mhìos air taic-airgid do ghnìomachas a' chumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan. Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair, gu bheil an Riaghaltas ag aithneachadh cho mòr 's a tha eaconamaidh nan eilean feumach air cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh.

An Gleann Mòr

Tha luchd-iomairt a tha an aghaidh tuilleadh chrann-gaoithe sa Ghleann Mhòr ag iarraidh barrachd dìon air an sgìre. Bidh Comataidh nan Ath-Chuingean ann am Pàrlamaid na h-Alba a' beachdachadh an-diugh air freagairtean a fhuair iad mun chùis bho bhuidhnean leithid Comhairle na Gàidhealtachd, Dualchas Nàdair na h-Alba, agus Scottish Renewables.

VW

Nì oifigich anns na Stàitean Aonaichte a tha a' rannsachadh VolksWagen airson riaghailtean truaillidh a bhriseadh sgrùdadh cuideachd air companaidhean chàraichean eile. Chuir VolksWagen teicneòlas sna carbadan diesel aca a bha a' mealladh dheuchainnean airson glainead gach einnseinn. Thuirt VW gu bheil iad duilich agus gu bheil iad ag amas a-niste air earbsa a' phobaill a chosnadh às ùr.