Àrdachadh mòr an oileanaich na Ceiltis

Oilthigh Dhùn Èideann Image copyright Geograph/Kay Williams
Image caption Tha barrachd ùidh air nochdadh bho oileanaich à thall-thairis, le oileanaich air cùrsaichean an Roinn na Ceiltis am-bliadhna bho 14 dùthchannan.

Tha an àireamh as àirde a-riamh de dh'oileanaich a' tòiseachadh air cùrsa ceum aig Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Uile gu lèir tha còrr 's 260 oileanach air a' chiad bhliadhna agus iad a' dèanamh ceum ann an Gàidhlig, Eòlas na h-Alba agus Foghlam Bun-Sgoile, am measg eile.

Tha na h-oileanaich air tighinn bho 14 dùthchannan am-bliadhna.

"'S e àrdachadh gu math mòr am-bliadhna, ged a tha na h-àireamhan againn air a bhith a' dol suas thar beagan bhliadhnaichean a-niste," thuirt an t-Ard-Oll. Rob Dunbar, bho Oilthigh Dhùn Èideann.

"Chuir sinn air dòigh ceumannan dùbailte ann am Foghlam agus Gàidhlig, agus Foghlam agus Eòlas na h-Alba, agus tha sinn a' faicinn barrachd is barrachd oileanach a' dèanamh an dà cheum sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil na h-oileanaich mothachail air mar a tha obraichean ri fhaighinn ann an saoghal na Gàidhlig agus teagasg na Gàidhlig.

"Tha mi a' smaointinn leis mar a tha Riaghaltas na h-Alba a-nis air Eòlas na h-Alba fhighe a-steach anns a' churriculum, gu bheil na h-oileanaich mothachail air sin.

"A bharrachd air sin ge-tà, tha sinn a' faicinn barrachd ùidh bho oileanaich bho thall-thairis cuideachd, agus tha mi a' smaointinn, leis mar a tha Alba mar dhùthaich air a bhith anns an meadhanan, gu bheil sin a' toirt buaidh cuideachd.

"Tha barrachd ùidh aca anns an dùthaich anns a bheil iad a' fuireach," thuirt e.