Fàilte ga cur air molaidhean nan aiseagan

  • Air fhoillseachadh
Bàt-aiseigTùs an deilbh, Richard Sowersby
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhoillsich an Riaghaltas leudachadh air na h-uimhir de sheirbheisean aiseig air a' chosta an iar Dimàirt.

Tha coimhearsnachdan air feadh a' chosta an iar a' cur fàilte air a' phiseach a dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba air seirbheisean aiseig an taobh siar.

Thig na h-atharrachaidhean a-steach às t-Samhradh an ath-bhliadhna.

Bidh seirbheis-aiseig làitheil eadar Malaig agus Loch Baghasdail a' tòiseachadh an ath-bhliadhna, fo na molaidhean a dh'fhoillsich Ministear Còmhdhail na h-Alba, Derek MacAoidh.

Tha seòladh gach là eadar an t-Òban agus Barraigh anns a' phlana cuideachd, le bàta-aiseig a dh'aona-ghnothaich airson na seirbheis sin.

Tha an clàr-ama, a thèid a-mach gu conaltradh poblach a dh'aithghearr, a' gealltainn leudachadh air seirbhisean eadar Malaig agus Armadal, gu ruige Colla, Tiriodh agus Colbhasa, agus eadar an t-Òban 's Creag an Iubhair ann am Muile.

Uibhist

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Deas, Raghnall MacFhionnghain, gur e fìor dheagh naidheachd a bh' ann am moladh Loch Baghasdail.

"Mu dheireadh thall, tha iad air dùsgadh suas", thuirt e.

Bha e ag ràdh: "Fosglaidh e suas na h-Uibhistean air fad, oir aig an deireadh-sheachdain an-dràtsa, chan fhaigh thu air agus chan fhaigh thu far an eilein."

Chuir muinntir Mhalaig fàilte air an naidheachd cuideachd. A thuilleadh air seirbheis Uibhist, chuireadh molaidhean an Riaghaltais barrachd sheòlaidhean air dòigh eadar Malaig agus Armadail.

Thuirt Mìcheal Currie à Malaig: "Chan urrainn nach eil e a' dol a dhèanamh feum do Mhalaig ma tha barrachd seirbheis gu bhith ann a-mach a dh'Uibhist agus a-null dhan Eilean Sgitheanach."

Earra-Ghàidheal

Tha muinntir Earra-Ghàidheal air an dòigh cuideachd.

Bidh dà bhàta air an t-slighe eadar Muile agus an t-Òban, le leth-cheud seòladh a bharrachd ann gach seachdain.

Thuirt Catriona NicIlleathain a tha a' fuireach ann am Muile ach a tha ag obair air Tìr-Mòr gum bi seo a' ciallachadh gum bi e nas fhasa dhi a bhith a' tighinn agus a' falbh.

Thuirt Mabel NicArtair à Tiriodh: "Ma gheibh sinne bàta dhuinn fhìn agus ma gheibh Barraigh bàta dhaibh pèin, nach eil fhios gum bi e nas fheàrr agus gun tèid aca air barrachd seòladh a dhèanamh".