An t-slighe air ais
Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter
- Published
- comments
- Comments
Mar as trice, nuair a thèid a' bhròg a thoirt do phàrtaidh an riaghaltais leis an luchd-bhòtaidh, bheir iad leisgeul seachad.
Cho luath is a gheibh iad an cothrom, their na dùbhlanaich ùra gun do dh'èisd iad agus gun do dh'atharraich iad.
Rinn iad mearachdan. Cha do thuig iad na bha an luchd-bhòtaidh ag innse dhaibh.
Shaoileadh tu, ma-thà, às dèidh an toraidh a bu mhiosa aig a' phàrtaidh aige o chaidh a chruthachadh, gum cluinneadh tu a leithid bho Thim Farron aig co-labhairt nan Lib Deamach.
Bhiodh tu ceàrr.
Chuir ceannard ùr nan Lib Deamach cuid mhòr dhen òraid aige an-diugh a' diùltadh leisgeul a thoirt seachad.
Mearachdan?
Ged nach eil ach ochdnar Lib Deamach anns na Cumantan às dèidh an taghaidh, tha Mgr Farron fhathast ag aontachadh le Nick.
Cha robh e an sàs anns an riaghaltas eadar 2010 agus 2015.
Ach tha Mgr Farron dhen bheachd gun robh am pàrtaidh ceart a dhol a-steach don cho-bhanntachd.
Anns an òraid aige, rinn e iomradh air faothachadh cìse do luchd-obrach air tuarasdail ìosal, taic do chloinn-sgoile o theaghlaichean bochda agus pòsadh aona-ghnè.
Nas cudromaiche na sin uile, na bheachd fhèin, bha an co-dhunadh a dhol a-steach don riaghaltas anns a' chiad dol a-mach gus an eacanomaidh fhaighinn a-mach às an staing.
Mearachdan? Seall dhomh riaghaltas nach d'rinn mearachdan, thuirt e.
Dùbhlan
'S e an trioblaid a tha aige gur coltach nach eil an luchd-bhòtaidh ag aontachadh ris.
Tha toradh an taghaidh a' tabhainn beachd gu tur eadar-dhealaichte air pàirt nan Lib Deamach anns a' cho-bhanntachd.
Ach tha Mgr Farron a' dol às àidhcheadh sin.
Na bheachd fhèin, tha Breatainn làn de libearalaich - cuid dhiubh ann am pàrtaidhean eile.
Is e an dùbhlan a tha aige toirt orra a bhith nan Libearalaich Dheamocratach cuideachd.
Mar fhianais gun gabhadh sin dèanamh, chuir e fàilte air còrr is 20,000 ball ùr a chlàraich mar Lib Deamach às dèidh an taghaidh.
Cumhachd
Thuirt Mgr Farron gun robh an t-slighe air ais gu cumhachd air feadh na Rìoghachd Aonaichte a' tòiseachadh leis an taghadh Albannach an ath-bhliadhna.
An seo, chaidh na Lib Deamaich a pheanasachadh airson na co-bhanntachd na bu tràithe, a' dol sìos gu còig BPA ann an 2011.
Is coltach, ge-tà, nach eil Mgr Farron agus ceannard Albannach a' phàrtaidh buileach air an aon rabh.
Latha no dhà às dèidh mar a thuirt Willie Rennie gun robh Lib Deamaich saor taic a chur ri neo-eisimeileachd, thuirt Mgr Farron gur e searbhas agus droch rùn a bha air cùl taic airson an SNP.
An cuidich sin Mgr Rennie air thoiseach air an taghadh?
Is coltach gur e slighe chas a tha romhpa, mu dheas agus mu thuath.