Leasachadh air Sràid na h-Acadamaidh
- Air fhoillseachadh

Tha dòchas gun tèid fear de phrìomh rathaidean baile Inbhir Nis ath-bheothachadh.
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil a-nis £3m aca airson Sràid na h-Acadamaidh a leasachadh.
Dh'fhaodhadh gun tòisich an obair tràth an ath-bhliadhna.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith fad bhliadhnaichean mòra a' feuchainn ri leudachadh agus leasacahdh a dhèanamh air an t-sràid, ann am meadhan a' bhaile.
Tha gu leòr de bhùithdean na sràide a-niste dùinte, tha na toglaichean feumach air càradh, agus coltas robach dha-rìribh air an t-sràid, am beachd muinntir a' bhaile.
Ach leis a' Chomhairle air faisg air £1.5m fhaighinn on Chrannchur Nàiseanta air an t-seachdain seo chaidh, tha dùil gum faod an leasachadh a dhol air adhart, agus a-niste còrr is £3m ann an stòras mu choinneimh.
Thuirt fear de chomhairlichean a' bhaile, Ridseard Laird, gun cum e cosnadh ris na ceudan de dhaoine.
Tha e an dòchas cuideachd gun tàl e barrachd dhaoine dhan sgìre sin den bhaile.