Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mecca

Chaidh còrr is 300 duine a mharbhadh, agus mòran eile a leòn nuair a chaidh am pronnadh fo na casan faisg air Mecca ann an Saudi Aràibia. Tha 2,000,000 duine air cruinneachadh an sin aig fèill Mhuslamaich an Hajj. Chuir na h-ùghdarrasan Saudi riaghailtean sàbhailteachd an sàs air an deich bliadhna mu dheireadh an dèidh bàs 350 duine ann am Mecca ann an tachartas den aon sheòrsa ann an 2006.

Fògarraich

Thàinig rabhadh bho Cheann-Suidhe Chomhairle na h-Eòrpa, Dòmhnall Tusk, gu bheil a' chuid as motha fhathast ri tighinn de na fògarraich agus luchd-imrich. Thuirt e gur e a' chiad cheist do cheannardan na h-Eòrpa smachd a chur air crìochan a-muigh na roinne. Thuirt e gu bheil òrdugh, co-obrachadh agus spiorad na h-Eòrpa uile a' crochadh air sin.

Calais

Chaidh deugaire a mharbhadh nuair a bhuail trèana ann faisg air beul Tunail a' Chaolais Shasannaich anns an Fhraing. Tha e coltach gur ann bho thaobh sear Afraga a bha e. Tha 11 duine air am beatha a chall am-bliadhna air an rèile faisg air an Eurotunnel ann an ceann a tuath na Frainge.

Cùirtean Siorraidh

Tha cion airgid agus cùisean-lagha fada toinnte a' fàgail Chùirtean Siorraidh na h-Alba ann an èiginn, a rèir aithisg bho Sgrùdadh Alba. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil barrachd chùisean a' dol gu cùirt, agus gu bheil e a' toirt nas fhaide tighinn gu co-dhùnadh orra sin, ach gu bheil gearradh ann am buidseat cuideachd a' cur ris a' chuideam a th' air an t-siostam.

Ionnsaighean Dròna

Tha dithis Bhall-Pàrlamaid anns a' Phàrtaidh Uaine ag iarraidh cead na cùirte airson ath-sgrùdadh air an dòigh sa bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag amas le itealain dròna air Breatannaich aig a bheil ceangal ri ceannairc na Stàite Ioslamaich. Dhearbh an Riaghaltas aig toiseach na mìos seo gun do mharbh dròn leis an RAF dithis à Breatainn ann an Siria.

Cosgaisean Lìbhrigidh

Tha am Ball-Pàrlamaid neo-eisimeileach John Finnie os cionn deasbaid ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air na cosgaisean a bharrachd a tha a' dol air stuth a thèid a cheannach air an eadar-lìon airson a chur dha na sgìrean iomallach. Tha Mgr Finnie ag ràdh gum feum cur às dhan pheanas a tha cosgaisean lìbhrigidh a' cur air daoine air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.