Càballan sa Chaol Arcach

  • Air fhoillseachadh
Càball air grunnd na mara

Chaidh ceithir càballan a chur air grunnd na mara airson sgeama chumhachd ath-nuadhachail anns a' Chaol Arcach.

Uile gu lèir chuireadh mu shia mìle de chàball a chur fodha, gus dealan a chruthaicheas ceithir innealan tìde-mhara sa chaol a thoirt gu tìr.

Thòisich an obair air na càballan a chur fodha Diluain, agus chaidh a crìochnachadh tràth Diardaoin.

Tha dùil aig a' chompanaidh Atlantis, leis a bheil a' mhòr-chuid de dh'earrainnean san sgeama, suas ri 269 inneal a chur an sàs air grunnd a' chaolais air a' cheann thall.