Co-dhiù 700 marbh am Mecca
- Air fhoillseachadh

Chaidh co-dhiù 700 eilthireach a mharbhadh 's iad air turas gu àite naomh Mecca ann an Saudi Aràibia.
Tha 800 air an goirteachadh 's iad air an stampadh, an dèidh gluasaid mhòir am measg an t-sluaigh.
Tha mu 2,000,000 luchd-adhraidh an làthair airson fèis bhliadhnail Hajj.
Chaidh còrr air 100 a mharbhadh ann am Mecca aig toiseach na mìos, an dèidh do chrann mhòr tuiteam air mosg.