Taigh-staile na Hearadh a' fosgladh

Fosglaidh Taigh-Staile na Hearadh gu h-oifigeil Diardaoin, ged nach fhosgail e dhan phoball chun na h-ath-mhìos.

Cha do thòisich iad a' dèanamh deoch-làidir fhathast.

Thug e bliadhnachan an ìre seo a ruighinn, agus bidh cèilidh aca Oidhche Dhiardaoin airson am fosgladh a chomharrachadh.

Gheibh ceud duine aig a bheil ceangal ris a' phròiseict cuireadh gu cuirm-fosglaidh Diardaoin, le tachartas sònraichte ga chumail tràth feasgar.

Na bu thràithe air a' mhios, thagh an taigh-staile daoine anns a' choimhearsnachd airson an t-uisge-beatha aca a sgrùdadh.

Oidhche Dhiardaoin, fosglaidh an taigh-staile a dhorsan do mhuinntir na Hearadh san fharsaingeachd, le cothrom deoch fhaighinn, sùil a thoirt timcheall, agus cèilidh.