Soilleireachadh ga iarradh mu obair an MOD far Ratharsair

HMS Vanguard Image copyright PA

Tha Ball-Pàrlamaid Rois, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abar, Iain Blackford, air soilleireachadh iarraidh bho Mhinistrealachd an Dìon air na tha san amharc a thaobh sgìre dheuchainn nam bàtaichean-aigeann far Ratharsair.

Tha Mgr Blackford ag ràdh gun do nochd sanas mu riaghailtean ùra mun raon anns na meadhanan ionadail, ged nach deach co-chomhairle phoblach a dhèanamh.

Tha Mgr Blackford air litir a chur gu Rùnaire an Dìon, Mìchael Fallon, gus soilleireachadh iarraidh.

Thog Iain Blackford suidheachadh sgìre dheuchainn nam bàtaichean-aigeann anns na Cumantan roimhe, is e ag ràdh gum faodadh plana an MoD airson meud an raoin a leudachadh cron a dhèanamh air an iasgach san sgìre.

Thuirt Ministrealachd an Dìon gu bheil iad air a dhèanamh follaiseach mu thràth gun dèan iad conaltradh air na planaichean aca, is nach tèid atharrachaidhean sam bith a chur an sàs gus am bi an conaltradh sin deiseil.