Deasbad mu chosgaisean lìbhrigidh

  • Air fhoillseachadh
Parcels workerTùs an deilbh, Thinkstock

Thèid cho àrd 's a tha cosgaisean lìbhrigidh air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.

Canaidh am BPA Gàidhealach Iain Finnie, a dh'iarr an deasbad, gu bheil an t-àm ann cur às dha na cosgaisean a bharrachd air stuth air òrdachadh air an eadar-lìon neo eile 's a tha a' dol gu sgìrean iomallach.

Thuirt an comhairliche Sgitheanach Hamish Friseal, a tha cuideachd air comataidh ionadail Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga air Aithris na Maidne: "Tha sinn toilichte gun tèid bruidhinn mun chuspair seo aig a' Phàrlamaid, ach 's e rud a th' ann, chan eil sinn a' tuigsinn idir carson a tha iad a' cur nan cìsean a tha sin air a' Ghàidhealtachd.

"Tha na companaidhean a tha a' toirt nam parsailean a tha sin a-mach à àite sam bith anns an dùthaich seo a' dol an aon rathad a h-uile trup a tha iad a' dol chun na Gàidhealtachd, agus mar sin 's e seòrsa de chìs a th' ann, 's e surcharge a th' ann agus chan eil sinn a' faicinn adhbhair carson a tha iad a' dèanamh sin."

Thuirt Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill na bu tràithe air a' mhìos seo gu bheil cosgaisean lìbhrigidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean air fàs tòrr nas miosa bho 2012, le daoine air a' Ghàidhealtachd a' pàigheadh 17.6% a bharrachd an-diugh is daoine anns na h-eileanan a' pàigheadh 15.8% a bharrachd.