Aodach fear-snàimh a tha a dhìth ga lorg
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Police Scotland
Chaidh Anndra Gordon a-mach a snàmh madainn na Sàbaid.
Chaidh an t-aodach a bh' air Anndra Gordon mus deach e a shàmh faisg air Drochaid an Eilein Sgitheanaich a lorg.
Cha deach Maighstir Gordon, 54 à Lodainn an Ear, fhaicinn bha chaidh e a snàmh Là na Sàbaid.
Chaidh an t-aodadh fhaighinn tràth anns an iomairt gus a lorg.
Tha an RNLI, na maoir-chladaich, a' Chrois Dhearg agus sgiobannan poileas air a bhith a' coimhead air a shon.
Tha Maighstir Gordon 6tr. a dh'àirde, tapaidh le falt goirid donn agus feusag.