Dachaigh-cùraim an Inbhir Nis dùinte do luchd-còmhnaidh ùra
- Air fhoillseachadh

Tha NHS na Gàidhealtachd air dachaigh-cùraim an Inbhir Nis a dhùnadh do luchd-còmhnaidh ùra às dèidh do Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim draghan a thogail mun àite.
Thuirt am bòrd slàinte gun robh iad a' sgrùdadh Dachaigh-Cùraim Highview, ach nach b' urrainn dhaibh fiosrachadh mionaideach a thoirt seachad.
Chan fhada gus am foillsich Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim aithisg mu Highview.
Thuirt Barchester Healthcare leis a bheil an dachaigh-cùraim gu bheil iad a' dèiligeadh ri draghan a thog Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim.
Tha 70 duine ann an Dachaigh-Cùraim Highview.
Thuirt neach-labhairt bho Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim: "Rinn sinn sgrùdadh aig Dachaigh-Cùraim Highview bho chionn ghoirid agus bha dragh mòr oirnn mu chuid den chùram a bha an luchd-còmhnaidh a' faighinn."
Bha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad ag obrachadh còmhla ri Barchester Healthcare, Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim, an luchd-còmhnaidh agus an càirdean.
Thuirt Barchester Healthcare gu bheil iad a' cur plana an sàs airson dèanamh cinnteach gum bi deagh ìrean cùraim aig Highview.