Rabhadh mun bhùrn an Ùig' Leòdhais

Tha Uisge na h-Alba air iarraidh air daoine ann an trì bailtean an Ùig' an Leòdhas am bùrn a ghoil mus òl iad e.

Tha e coltach gu bheil salchar a' tighinn bho na lochan às am bi Miabhaig, Bhaltos agus Ìslibhig a' faighinn an cuid bùirn.

Chan eil fhios fhathast dè cho fada 's a sheasas an rabhadh.