Dragh mu sheirbheis slàinte Ratharsair
- Air fhoillseachadh

Tha dragh ann an Ratharsair mu sheirbheis na slàinte.
An t-seachdain seo chan eil nurs air a bhith ri fhaotainn san eilean ach 42% den ùine.
Agus chan eil cùram taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach air a bhith ann sna trì mìosan mu dheireadh.
Bidh coinneamh ann eadar am bòrd slàinte agus a' chomhairle choimhearsnachd an ath-sheachdain.
Ana-caitheamh Airgid
Chan ann an-diugh no an-dè a thòisich trioblaidean le seirbheis na slàinte san eilean.
Bho chionn ceithear bliadhna, dh'fhosgail clinig ùr san eilean, le àite-fuirich na chois do bhanaltram an eilein.
Chan eil an t-àite-fuirich air a chleachdadh mòran bhon Iuchar ge-tà.
Tha an triùir san eilean a chaidh a thrèanadh airson tighinn a mach a thoirt seachad cobhair mus tig cobhair proifeasanta air làithean-saora an-dràsta.
Tha sin a' fàgail gu bheil cobhair èiginneach tron oidhche a-nis a' crochadh air heileacoptair-eiridinn neo am bàta-teasairginn.
A rèir nan eileanach, tha dìth chùraim a' cur bacadh air daoine agus gnìomhachas gluasad a Ratharsair.
"Tha e gu math doirbh gnìomhachasan a bhrosnachadh airgead a chur an sàs an seo, no daoine a thighinn a dh'fhuireach an seo ma tha na seirbeisean bunaiteach gan toirt air falbh," thuirt Oifigear Leasachaidh Urras Leasachaidh Ratharsair, Lloyd Gudgeon.
"Chaidh na milleanan mòra de dh'airgead phoblach a chosg air a' chala ùr, an talla choimhearsnachd ùr, ath-leasachadh Taigh Mòr Ratharsair, agus 's e ana-caitheamh airgid a bhios an sin uile ma tha NHS na Gàidhealtachd am beachd beagan mhìltean a shàbhaladh le bhith a' gearradh nurs."
Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil iad a' rannsachadh diofar dhòighean air an gabh an suidheachadh leasachadh, 's nach e ceist airgid a th' ann, ach cho doirbh 's a tha e daoine fhastadh a tha deònach fuireach ann an àiteachan iomallach dùthchail.
"Chan e ceist an airgid a th' ann an seo idir idir," thuirt Leas-Stiùiriche Ghnothaichean a' Chinn a' Tuath 's Taobh Siar aig NHS na Gàidhealtachd, Tracy Ligema.
"Tha suidheachadh Ratharsair coltach ri suidheachadh iomadh coimhearsnachd iomallach agus dùthchail, far a bheil seirbheis slàinte air a bhith stèidhichte air modal nach eil seasmhach.
Dòigh-Beatha
"Ri linn duilgheadasan air a bheil fios aig a' phoball, le bhith a' fastadh 's a' glèidheadh luchd-obrach ann an sgìrean iomallach agus dùthchail, feumaidh sinn dòighean-obrach ùra a lorg, agus bidh sinn a' rannsachadh na h-uimhir de roghainnean airson seirbheis taobh a-muigh nan uairean-obrach àbhaisteach ann an Ratharsair."
Ach thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Ratharsair, Màiread Nic a' Phiucair: "Chan eil NHS na Gàidhealtachd idir deònach gabhail ris gun obraich am modal a th' ann, ach tha sinn air cluinntinn bho nursaichean aig nach robh fhios idir gun robh cothom obrach ann an Ratharsair.
"Càite agus ciamar a tha iad air na cothroman seo a shanasachd, agus ciamar a bha iad a' reic na dòigh-beatha a tha nan cois?
"Chan e droch àite a tha seo idir a bhith beò.
"Tha gu leòr de dhaoine a bhiodh gu math deònach fuireach an seo."
Thuirt BP na sgìre, Iain Blackford, nach gabhar ris nach eil cothrom aig an 170 eileanach air nurs sa cheart dhòigh 's a th' aig a h-uile duine eile, agus gum bu chòir do NHS na Gàidhealtachd a bhith air sin a chur air dòigh.
Bidh coinneamh aca ri comhairle coimhearsnachd Ratharasair oidhche Luain, 28mh an t-Sultain.