An Innis Àigh

Beanntan na Hearadh

Tha e oifigeil: 's e na h-Eileanan an Iar an t-àite as fheàrr airson fuireach ann am Breatainn - sin co-dhiù a rèir an fheadhainn a tha a' fuireach ann.

Dh'fhoillsich Oifis Nàiseanta na Statistig figearan airson cho math 's a tha daoine a' faireachdainn mun deidhinn fhèin agus am beatha.

Agus 's e na h-Eileanan an Iar a tha aig bàrr na lìge, chan ann a-mhàin 'son Alba, ach airson Breatainn air fad.

"An aon iongnadh a tha e a' cur ormsa, 's e gun tug iad cho fada a thighinn chun a' cho-dhùnaidh seo," thuirt an Comh. Iain A. MacÌomhair.

Oideachadh

"Bhon tha fhios againne a rugadh 's a thogadh anns na h-Eileanan gur e àite mìorbhailleach a th' ann airson a bhith a' fuireach, ann an iomadach dòigh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an rud as cudromaiche, an fheadhainn a tha sna h-Eileanan, tha e a' còrdadh riutha a bhith anns na h-Eileanan.

"Tha iad ann airson adhbhair.

"Tha sgoiltean math againn. Tha oideachadh math ann. Bho na cròileagain, gu bun-sgoil, dhan àrd-sgoil, suas gu UHI fhèin.

"Tha cothrom agad oideachadh dha-rìribh fhaighinn sna h-Eileanan, ann an àite sàbhailte.

"Tha daoine a' coimhead a-mach airson a chèile," thuirt e.

Thuirt an rannsachadh gu bheil na h-Eileanan an Iar, Arcaibh is Sealtainn còmhla aig bàrr na lìge - a dh'aindeoin an diofair a thaobh na h-eaconamaidh sna diofar sgìrean.

"Saoilidh mi gu bheil barrachd na an eaconamaidh a' tighinn a-steach dhan ghnothach.

"Ma sheallas tu timcheall ort, tha tràighean, 's tha monaidhean, 's tha beanntan, 's tha creagan, 's tha cur-seachadan ri fhaighinn shuas an seo nach eil buileach cho math, chanainn, thall sna h-Eileanan eile.

Dòigh-Beatha

"Tha tràighean againn a tha fèadhair àlainn, agus chan eil adhbhar sam bith nach eil e a' còrdadh ri daoine a bhith a' tighinn an seo air sgàth cho brèagha 's a tha na tràighean sin, 's na seallaidhean air feadh an àite.

"Rud sam bith a tha a' moladh an àite, 's e rud math a th' ann.

"Tha sinn airson daoine fhastadh a-steach air ais dha na h-Eileanan. Gu h-àraid muinntir nan Eilean fhèin.

"'S e an dòigh-beatha sna h-Eileanan a tha gam fàgail mar a tha iad. Na cleachdaidhean a bh' aig na daoine romhainn.

"Tha thu a' faicinn sin a thaobh na h-àrainneachd cuideachd.

"Tha rudan ann an seo ri fhaighinn - na h-eòin 's tha iasg timcheall nan cladaichean againn.

"Tha e math dha-rìribh.

"Tha buidhnean ann a tha a' tighinn a-steach a' feuchainn ri cùisean atharrachadh, a' coimhead às dèidh 's a' feuchainn ri bhith a' dìon nan rudan a th' ann an seo.

"Bu chòir dhaibh a bhith mothachail gur e an t-adhbhar gu bheil na beathaichean a tha sin, 's na lusan 's a h-uile càil a tha a' fàs agus a tha ri fhaighinn anns an àrainneachd againn, gur e an dòigh-beatha a bh' aig na croitearan 's na h-iasgairean anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh a tha a' fàgail nam beathaichean sin ann." thuirt e.