Mì-thoileachas an Ìle mu aiseagan
- Air fhoillseachadh

Tha mì-thoileachas an Ìle mu na molaidhean airson clàr-ama ùr samhraidh nan aiseagan, a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo.
Ged a bha leudachadh ann air cuid de sheirbheisean air a' chosta an iar, cha robh guth air Ìle.
Chuir sin an caothach air feadhainn san eilean is iad ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air na seirbheisean a th' aca a leudachadh ri linn cho trang 's a tha iad.
"S e seirbheis mhath a th' ann 'son Ìle ach chan eil e mòr gu leòr", thuirt an comhairiche Ìlleach, Robin Currie.
"Tha mòran làithean nach meannd thu air a' bhàta a thaobh tha e làn.
"Chan e dìreach gu bheil sinn ag iarraidh bàta eile, feumaidh sinn bàta eile airson nan taighean-staile is a h-uile stuth a tha a' tachairt ann an Ìle is Diùra.
"Barrachd"
"Feumaidh barrachd a bhith a' dol air ais 's air aghaidh. Dh'fhaoidte gu bheil sin a' ciallachadh gum bi iad a' seòladh fad na h-oidhche, ach feumaidh sinn rudeigin fhaodainn", thuirt e.
Tha an Comh. Currie a-nis am measg na tha ag iarraidh coinneimh le Ministear na Còmdhail, Derek MacAoidh.
"Tha sinn a' dol a dh'fhaighneachd an tig e a chainnt rinn. Chan eil mise toilichte idir idir a thaobh bho cionn bliadhna tha sinn air coinneachadh ri Derek MacAoidh is Còmhdail Alba, a h-uile mìos tha muinntir Ìle a' tachairt ri Cal Mac, agus 's e seo a-nise a tha sinn a' faighinn an t-seachdain seo.
Dh'iarr an Comh. Currie cuideachd gun tèid an sgeama pileat a bha a' dol eadar Ceann Loch Chille Chiarain is Àird Rosain a leudachadh gu seirbheis stèidhichte.
Chaidh e às àicheadh nach robh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air làn-taic a chur ris an t-seirbheis.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain 2015