Smachd aig Oighreachd Ghabhsainn air an crainn
- Air fhoillseachadh
Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn an Leòdhas air na trì crainn-ghaoithe aca am Baile an Truiseil a ghabhail os làimh.
'S e clach-mhìle mhòr a th' ann dhan Urras, deich bliadhna às dèidh dhaibh tòiseachadh air an sgeama ath-nuadhachail aca.
Bha cnapan-starra gu leòr anns an rathad orra thar nam bliadhnaichean.
Nam measg nan cnapan-starra sin, thàinig orra cabàll ùr a thogail iad fhèin gus ceangal ris an lìonra aig cosgais còrr is £500,000.
"Slighe fhada"
"S e slighe fhada a th' air a bhith ann", thuirt fear de stiùirichean na companaidh, Galson Energy, Tormod MacThòmais.
"Thòisich sinn ann an 2005 nuair a thagh sinn an làrach a tha seo. Tha e an dèidh deich bliadhna a thoirt is mar sin dheth, tha daoine ag iarraidh foighidinn mhòir mus toir thu leasachadh mar seo gu cùis", thuirt e.
Tha dragh air a bhith ann an gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail bho chionn ghoirid mu ghearradh ann an subsadaidhean is taic-airgid.
Thuirt Mgr MacThòmais gum bi buaidh aig sin air an airgead a gheibh an t-Urras, is gu bheil iad a' dèanamh dheth a-nise gum bi e comasach dhaibh £250,000 a chur air ais dhan choimhearsnachd gach bliadhna, seach £300,000 mar a bha dùil aca an toiseach.
Tha an t-Urras an dùil gum bi iad ann an suidheachadh tòiseachadh air an airgead a tha sin a' sgaoileadh an ceann bliadhna.
Thuirt Mgr MacThòmais gun do rinn an sgeama a bh' aca earranan a reic ris an t-sluagh feum mòr, is an t-Urras a' togail còrr is £700,00 air a' cheann thall.
"Nas fheàrr"
"S e dòigh a bha sinn a' smaoineachadh a dh'obraicheadh glè mhath agus 's ann a dh'obraich e nas fheàrr na bha dùil againn.
"Thòisich sinn sin a' cur a-mach san Damhair a chaidh agus bha e fosgailte chun a' Ghearrain. Cha b' urrainn dhuinn creids' an t-airgead a thàinig a-steach.
"Chuidich an t-airgead sin garbh math sinn 'son mar a fhuair sinn air tòiseachadh na bu thràithe na b' urrainn dhuinn nam biodh sinn a' feitheamh ris a' bhanca", thuirt e.
Rinn Mgr MacThòmais moladh cuideachd air an taic a thàinig bho mhuinntir an àite anns na bailtean ionadail, is e ag ràdh gun robh iad air cuideachadh mòr a thoirt seachad bho thoiseach a' ghnothaich.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 12 An t-Sultain 2013
- 6 An Dàmhair 2014