Fear-ruith ga shireadh an Toirbheartan

  • Air fhoillseachadh
Alexander BrettTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Alexander Brett

Tha sgiobaidhean-teasairginn air taobh siar Rois a' sireadh duine bha a' ruith nam beann ann an Toirbheartan.

Cha deach Alexander Brett, a tha 65, fhaicinn bho Dhidòmhnaich seo chaidh.

Fhuair na Poilis fios Diardaoin gun robh e a dhìth.

Thuirt iad gun robh Mgr Brett an dùil slighe a dhèanamh timcheall air Beinn Èighe, Beinn Dearg, Beinn Àilleagan agus Liathach.

Dh'innis iad gum bi, mar as trice, brògan trèanaidh is poca beag air Mgr Brett nuair a tha e a' ruith.

Tha trì sgiobaidhean-teasairginn monaidh, heileacoptair nam maor-cladaich agus sgioba chon an sàs san rannsachadh.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith le fiosrachadh brath a chur thuca, is thuirt iad gu bheil iad gu sònraichte 'son bruidhinn ri daoine a bha a' coiseachd ann an Toirbheartan anns na beagan làithean a chaidh seachad.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh