Conaltradh Raon Ratharsair

  • Air fhoillseachadh
HMS VanguardTùs an deilbh, PA

Thuirt Ministrealachd an Dìon gu bheil iad air co-chomhairle a thòiseachadh mu na molaidhean aca 'son sgìre dheuchainn nam bàtaichean-aigeann eadar Ratharsair agus a' Chomraich a leudachadh.

Tha casg mar thà air iasgach ann an raon sia mìle de dh'fhaid agus trì mìle de leud den Lìghe Ratharsaireach, is an MOD ga chur gu feum 'son deuchainnean le urchairean torpedo.

A bharrachd air casg air iasgach, chan eil cead aig bàtaichean ach a bhith a' siubhail tron sgìre.

Chaidh fhàgail air an MoD mar thà gun robh iad am beachd an raon a leudachadh gun co-chomhairle a dhèanamh.

Sanas

An t-seachdain seo fhèin, thuirt BP Rois, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abar, Iain Blackford, gun do nochd sanas mu riaghailtean ùra mun raon anns na meadhanan ionadail, ged nach deach co-chomhairle phoblach a dhèanamh.

Tha an MoD a-nise air dearbhadh gu bheil co-chomhairle air tòiseachadh.

"Thòisich conaltradh le daoine air an toireadh leudachadh a tha san amharc do Raon Ratharsair buaidh, a' choimhearsnachd ionadail is luchd-cleachdaidh na mara nam measg", thuirt neach-labhairt bhon MoD.

"Rinn sinn follaiseach bho thùs gun dèanadh sinn co-chomhairle fharsaing is nach tèid co-dhùnadh sam bith a dhèanamh gus am bi an conaltradh seachad", thuirt an neach-labhairt.

Iasgairean

Thuirt an MoD cuideachd gu bheil QinetiQ, a tha a' ruith an raoin dhaibh, air co-chomhairle fa leth a thòiseachadh le iasgairean.

Thog Iain Blackford dragh ann an Taigh nan Cumantan roimhe mun bhuaidh a bhiodh ann air iasgairean nan rachadh Raon Ratharsair a leudachadh.

Thuirt am BP gu bheil iasgach fìor chudromach san sgìre is gum faodadh casg a bharrachd còrr is 100 cosnadh a chur ann an cunnart.

Rinn e comas eadar an suidheachadh is fuadaichean nan Gàidheal is e ag ràdh gum faodadh daoine a-nise a bhith air an casg bhon mhuir mar a bha iad uair gan sguabadh far an fhearainn.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh