Corp air a lorg an Toirbheartan

Alexander Brett Image copyright Poileas Alba
Image caption Alexander Brett

Chaidh corp fireannaich a bha a dhìth ann an Toirbheartan a lorg.

Chaidh Alexander Brett, 65, à Inbhir Pheofharain, fhaicinn mu dheireadh Didòmhnaich seo chaidh.

Bha e glè eòlach air ruith anns na beanntan, is thathas a' creidsinn gun robh e an dùil cuairt a dhèanamh air Beinn Èighe, Beinn Dearg, Beinn Àilleagan agus Liathach.

Thòisich iomairt-teasairginn Diardaoin nuair a fhuair na Poilis fios nach robh Mgr Brett air tilleadh.

Fhuaireadh corp Mhgr Brett Disathairne air Liathach.

Thuirt na Poilis nach eil dad amharasach mun chùis, is thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile