"Deagh chothrom" do Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Cala Steòrnabhaigh

Tha mu 200 duine bho ùghdarrasan puirt bho air feadh Bhreatainn a' cruinneachadh ann an Steòrnabhagh an t-seachdain seo airson an co-labhairt bhliadhnail.

Bidh Ministear na Còmhdhail 's nan Eilean, Derek MacAoidh, am measg na bhios a' bruidhinn riutha.

Bidh Ùghdarras Puirt Steòrnabhaigh a' gabhail a' chothrom beagan coiteachaidh a dhèanamh agus iad ag amas air leasachadh air Cidhe 1 ann an Steòrnabhagh, am measg rudan eile.

"'S e deagh chothrom dha-rìribh a tha seo dha Steòrnabhagh, is gu sònraichte air sgàth 's mar a bha an obair a chaidh a chur air chois ann an Ulapul 's an Steòrnabhagh 's am bàt-aiseig ùr," thuirt Cathraiche Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, Murchadh Moireach.

Plana

"Tuigidh tu carson a bhiodh am ministear deònach agus ag iarraidh a bhith a' tighinn chun na co-labhairt agus tha sinn air leth toilichte gu bheil e a' tighinn.

"Nuair a bha sinn ag obair còmhla ris a' mhinistear air a' bhuidhinn-ghnìomha, bha sinn a' cur fa chomhair an t-suidheachadh a th' ann aig Cidhe 1, far a bheil soitheach Eilean Leòdhais an-dràsta.

"Tha alt-aiseig ann an sin a tha a cheart cho aosta ris an fhear a bh' ann an Ulapul, 42 bhliadhna, agus an cidhe fhèin tha e a' feumachdainn obair.

"Rinneas oidhirp bho chionn ghoirid o thàinig an Loch Seaforth a-steach, agus tha e a-nise comasach dhise tighinn a-steach ann an suidheachadh èiginneach, agus tha sin air leth feumail.

"Ach aig deireadh an là feumar obair a dhèanamh ri Cidhe 1, 's feumaidh an t-alt-aiseig a bhith air ùrachadh.

"'S e sin an t-seòrsa rud a bhiodh sinn a' miannachadh bruidhinn ris a' mhinistear mu dheidhinn.

"Nam biodh briseadh sìos air an alt-aiseig a th' againn, tha e iomchaidh gum bi rudeigin againn an sàs còmhla ris, bhon 's e a th' annainn ach eilean aig deireadh an là, agus tha e duilich, nam b' e 's gum biodh am bàta a' tighinn a-mach an seo nach b' urrainn dhi na daoine 's na carbaidean a leigeil àiste, dh'fheumadh i a dhol air ais a dh'Ulapul.

"'S tha e iomchaidh a-rèiste gum biodh plana againn an sàs.

"Chan eil sinne an-dràsta ach ag iarraidh a bhith a' cur an rud fa chomhair an Riaghaltais airson an rud a chur a-steach ann am planaichean.

"Tha fhios againn gu bheil an t-ionmhas duilich a lorg, ach 's e rud ma tha plana ann, 's dòcha là-eigin gun tig e gu buil," thuirt e.