Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Redcar

Thèid 1,700 cosnadh a chall aig factaraidh stàilinn SSI ann an Redcar an ceann an ear-thuath Shasainn, far an do sguir an obair an t-seachdain seo chaidh. Thuirt a' chompanaidh à Thailand dham buin an t-ionad gur e cosgaisean àrda agus cion margaidh as coireach, ach gu bheil iad an dòchas tòiseachadh às ùr air an obair aig an làraich faisg air Middlesborough.

Na Làbaraich

Nì John MacDonnell a chiad òraid mhòr mar Sheansalair Dùbhlannach an-diugh le fiosrachadh mu phlana airson beartas a roinn às ùr, agus ath-leasachadh air na buidhnean ionmhais. Tha a h-uile dùil gun innis e do cho-labhairt nan Làbarach ann am Brighton mu phlana fo am biodh cìs as ùr air na margaidhean ionmhais, agus casg cuideachd air seachnadh chìsean corporra. Nì e oidhirp cuideachd air na Làbaraich a bhrosnachadh ann an Alba.

Saighdearan

Thèid còrr is 300 saighdear Breatannach a chur taic ri feachdan sìthe nan Dùthchannan Aonaichte ann an ceann a deas Sudan agus Somàilia. Tha Somàilia a' strì ri feachdan Ioslamach, agus tha cogadh eadar diofar threubhan ann an ceann a deas Sudan.

Siria

Tha am Prìomhaire Dàibhidh Camshron am measg cheannardan an t-saoghail aig an UN ann an New York airson chòmhraidhean mun chogadh ann an Siria. Tha Mgr Camshron ag ràdh nach urrainn dhaibh an Ceann-suidhe Assad fhàgail os cionn Siria, ach gum faodadh pàirt a bhith aige ann an riaghaltas eadar-amail.

Shell

Chuir a' chompanaidh ola Shell stad air rannsachadh connspaideach anns na robh iad an sàs far Alaska anns an Artaig. Thuirt Shell nach d' fhuair iad ola no gas gu leòr gus am b' fhiach dhaibh a dhol air adhart. Chuir Greenpeace fàilte air an naidheachd.

Ratharsair

Tha coinneamh aig Comhairle Coimhearsnachd Ratharsair ri NHS na Gàidhealtachd feasgar an-diugh agus dragh ann mu sheirbheis mheidigich an eilein. Tha muinntir Ratharsair a' gearain gun deach am fàgail gun nurs airson ùine bho chionn ghoirid, agus nach eil cùram meidigeach air a bhith aca nas motha taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach airson nan trì mìosan mu dheireadh.