Leudachadh air seirbheisean-adhair Inbhir Nis

Easyjet Image copyright PA

Leudaichidh a' chompanaidh adhair Easyjet na tha iad a' ruith de sheirbheisean eadar Inbhir Nis agus Lunnainn bhon Mhàrt an ath-bhliadhna.

Thuirt a' chompanaidh gum biodh seo na bhuanachd gach cuid do luchd-siubhail agus do luchd-turais a tha ag iarraidh siubhail air adhart gu cinn-ùidhe san Roinn Eòrpa.

Bidh a' chompanaidh an-dràsta a' ruith dà sheirbheis san là eadar Inbhir Nis agus Gatwick.

Ach a' tòiseachadh air an 27mh den Mhàrt, bidh an treas seirbheis ann Diluain, Dihaoine agus Didòmhnaich.

Tha iad cuideachd am beachd seirbheisean a bharrachd a chur eadar Inbhir Nis agus Luton.

An-dràsta tha aon sheirbheis ann gach là air an t-slighe sin, ach as t-Samhradh an ath-bhliadhna bidh dà sheirbheis ann Diluain, Diciadain, Dihaoine agus Didòmhnaich.

Thuirt a' chompanaidh gum biodh 24,000 suidheachan a bharrachd ri fhaotainn air na seirbheisean sin eadar 27mh am Màrt agus 26mh an t-Ògmhìos an ath-bhliadhna.