Màbu
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Comann Gàidhlig is Eachdraidh Mhàbu 40

28 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Comann Gàidhlig is Eachdraidh Mhàbu ann an Ceap Breatainn 40 bliadhna a dh'aois an t-seachdain seo.

Bidh oidhche mhòr ann am Màbu Dihaoine gus a' chlach-mhìle aca a chomharrachadh.

Ged a chaidh an comann a chur air dòigh gu ìre le sùil air na làithean a dh'fhalbh, tha iad gu math misneachail mu shuidheachadh a' chànain is a' chultair am measg òigridh an àite san là a th' ann.

'S i Margie Pheutan Ceann-suidhe na buidhne.