Dùil ri cead do thaigh-ghrùdaidh

  • Air fhoillseachadh
Ro-dhealbh den taigh-ghrùdaidhTùs an deilbh, Handout

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh a thoirt do thaigh-grùdaidh ann am baile Inbhir Nis.

San Damhair an-uiridh, dhiùlt iad cead a thoirt dhan phròiseact aig Taigh-Òsta a' Ghlinne Mhòir ri taobh na h-aibhne.

Bha Seonaidh agus Victoria Erasmus, leis a bheil an taigh-òsta, airson taigh-grùdaidh le talla agus taigh-bìdhe na chois a thogail.

Bha comhairlichean den bheachd ge-tà, gun robh e fada cus ro mhòr airson a' cheàrnaidh sin den bhaile.

Tha iad a-niste air planaichean ùra a chur chun na Comhairle, airson taigh-ghrùdaidh nas bige.

Tha an cupall den bheachd gu bheil iad air dèiligeadh ris na duilgheadasan agus draghan a bh' aig na comhairlichean.

Mhol oifigich na Comhairle cead-dealbhachaidh a thoirt dhan phròiseact.

Thuirt Mandaisdear dealbhachaidh na sgìre, Jim Harbison, gun cuireadh e gu mòr ri eaconamaidh a' bhaile.