"Fèin-aithne" o fhoghlam Ghàidhlig

Clas

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air fèin-aithne a thoirt air ais do Ghàidheil òga, cluinnidh co-labhairt air foghlam Ghàidhlig an t-seachdain seo.

Tha an teachdaireachd a' tighinn bho Mhorair Mhiniginis - cathraiche Cùirt an Fhearainn.

Bheir e seachad tè de phrìomh òraidean na co-labhairt An t-Alltan - cruinneachadh bliadhnail de thidsearan Gàidhlig.

Ach, nas connspaidiche, tha e cuideachd ag iarraidh barrachd cuideam air moraltachd agus air a' chreideimh Chrìosdail anns an sgoil.

Fhuair Morair Mhiniginis - Ruairidh Iain MacLeòid - oideachadh anns an Eilean Sgitheanach, 's tha a' Ghàidhlig aige bhon ghlùin.

Rugadh e anns na 1950an, 's tha cuimhne aige, tha e ag ràdh, air siostam foghlaim a bha fuadan agus nach robh a' cur diù ann am fèin-aithne is cultar na cloinne.

Chan e a-mhàin nach robh an cànan màtharail aca ri cluinntinn anns a' chlas, ach cha robh aithne sam bith ga thoirt dhan dualchas no dhan eachdraidh.

Canaidh Morair Mhinginis ris a' cho-labhairt nas fhaide dhen t-seachdain gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air creideas a thoirt air ais dha na Gàidheil gu bheil iad a cheart cho math ri càch.

Ach tha e ag ràdh gu bheil aon rud nach eil cho math 's a bha e na là-san - sin gun robh eileamaid mhòr moraltachd ann am foghlam an uair sin, stèidhichte air bunaitean a' chreideimh Chrìosdail.

Chan eil sin a-nis cho làidir an-diugh - rud, tha e ag ràdh, a tha a' lagachadh co-chomainn agus coimhearsnachd.