Ratharsair mìos eile gun nurs

Ratharsair Image copyright Peter Paalvast/Geograph
Image caption Tha dragh air muinntir an àite nach eil an NHS air innse gur e deagh àite-fuirich a th' ann an Ratharsair sna sanasan aca airson nursaichean.

Bidh Eilean Ratharsair air fhàgail às aonais chobhair mheidigich taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach airson na ceathramh mìos sreath a chèile.

Choinnich NHS na Gàidhealtachd ri coimhearsnachd an eilein Diluain a bhruidhinn mun t-suidheachadh.

Thuirt am Bòrd-Slàinte gu bheil e doirbh luchd-obrach slàinte fhaighinn a tha deònach a thighinn a dh'fhuireach san eilean, ach gun till iad a Ratharsair 'son chòmhraidhean a bharrachd.

"An dragh as motha a th' ann an-dràsta, nach eil nurs anns an àite air an oidhche," thuirt John Willie MacGilliosa a bha aig a' choinneimh.

Àrachas Nàiseanta

"Ma thèid dad ceàrr, chan eil aiseag againn, tha am bàt-aiseig ceangailte ris a' chidhe, agus ma thachras dad air an oidhche, an uair sin chan eil nurs againn airson frithealadh muinntir an àite ma thèid dad ceàrr.

"Tha e diofraichte feadh an là, agus bha sinne ag ràdh aig a' choinneimh gum biodh sinn nas fheàrr le nurs air an oidhche, agus gun nurs a bhith againn fad an là.

"Ma thèid dad ceàrr tha an aiseag a' ruith, agus tha daoine air an cois co-dhiù, 's tha e soirbh gu leòr daoine a chur a-null air an aiseag chun an Eilein Sgitheanaich gu ospadal no dotair no dad sam bith.

"Thuirt iad gun tig iad ais ais a bhruidhinn ri muinntir an àite a-rithist an ceann mìos, airson feuchainn ri rud a dhèanamh gum biodh an NHS agus muinntir an àite toilichte leis.

"Ach an-dràsta tha iad gu math fada bho chèile an rud a tha iad ag iarraidh.

"Tha muinntir an àite ag iarraidh nurs ann an seo làn-ùine, ach tha an NHS ag ràdh nach urrainn dhaibh sin fhaighinn.

"Tha iad an dèidh sanas a chur a-mach airson nursaichean 's cha d' fhuair iad feadhainn a thigeadh dhan àite.

"Ach mar a tha an sanas aca air fhacladh, tha iad a' cur, cha-mhòr, rudan mu choinneimh nan daoine a bu thoil a thighinn ann an seo ag ràdh nach e àite math a th' ann an Ratharsair.

"Tha iadsan a' bruidhinn gu bheil dòigh air a cur mun coineimh gum feum iad a dhèanamh ann an dòigh a tha a' tighinn fon rìoghachd uile gu lèir, is gum feum iadsan cumail ri sin.

"Ach bha sinne ag ràdh riutha, tha e math gu leòr a bhith a' cur ann rudan 's dòcha a chuireas daoine dheth tighinn dhan àite, ach chan eil iad a' cur ann gu leòr a thàladh daoine dhan àite.

"Tha còir aca a dhèanamh. 'S e sin an obair aca. Airson a bhith a' frithealadh muinntir an àite, 's muinntir Alba uile gu lèir.

"Sin an obair a th' aca. Tha iad a' faighinn, mar a thuirt boireannach ann an siud, "carson a tha sinn a' pàigheadh an àrachais nàiseanta againn?"

"Sin an obair a th' aca, airson a bhith a' frithealadh dhaoine - gu h-àraid seann daoine - 's a bhith a' coimhead às an dèidh.

"Nise, tha sinne a' pàigheadh, 's tha a h-uile duine a' pàigheadh airgid, airson gum faigh sinn nursaichean agus dotairean airson a bhith a' coimhead às ar dèidh," thurt e.