Dithis an grèim an dèidh tòrachd chàir

Dhearbh na Poilis ann an Inbhir Nis, gu bheil dithis aca an grèim, an dèidh mar a bha aca ri dhol an dèidh càir aig astar sa bhaile.

Tha dùil gun nochd an dithis ann an Cùirt an t-Siorraim Diciadain.

Chaidh oifigearan bho Phoilis na h-Alba air tòir càir ghuirm BMW, agus e a' dol aig astar tron bhaile bho Cheasaig a Deas, air an A9, agus an uair sin air an A96, beagan an dèidh 12:00f Diluain.

Fhuair na Poilis lorg air an càr nas fhaide den là ann an sgìre Bhaile an Loch.

Thuirt na Poilis gun deach dithis fhireannach, aois 26 agus 27, a chur an grèim.

Dh'iarr na Poilis fiosrachadh mu fhireannach eile a tha iad a' sireadh an co-cheangail ris a' chùis.

Tha e mu 6'2", le falt goirid dubh air.

Tha blas-cainnte Liverpool air, agus nuair a chaidh fhaicinn ma dheireadh bha leine-T gorm air agus briogais ghlas.