Iomain Cholmcille

Iomain / Iománaíocht. Image copyright Neil G Paterson / Iomain Cholmcille

Chaidh sgiobaidhean na h-Alba a thaghadh airson Iomain Cholmcille, an fharpais iomain airson luchd-labhairt na Gàidhlig agus Gaeilge.

'S ann an Gaoth Dobhair an Dùn nan Gall a bhios an fhapais air an an 10mh den Damhair, a' chiad turas a bhios Iomain Cholmcille air tadhal air an sgìre.

Tha leudachadh a' tighinn air gnothaichean am-bliadhna le geama eadar na boireannaich cuideachd.

'S e amas a bha sin aig Iomain Cholmcille 'son grunn bhliadhnaichean a-nise.

'S i Catriona Gibb à Camanachd an Eilein Sgitheanaich a bhios os cionn sgioba nam ban is i air sgioba làidir a thaghadh, a' mhòr-chuid dhuibh a' tighinn à sgioba Àird nam Murchan.

'S e Eòghan Stiùbhairt, fear a bha thall is a chunnaic, a bhios os cionn sgioba nam fear.

Dh'ainmich an Stiùbhartach cuideachd sgioba làidir is leithid Gilleasbuig MacDhòmhnaill, a tha dìreach air Camanachd an Eilein Sgitheanaich a chuideachadh air ais dhan Phrìomh Lìog, a' nochdadh san sguad.

Tha cuideachd Eòghainn Caimbeul a tha air cliù a chosnadh dha fhèin ann an sgioba na Manachainn agus a fhuair àite bho chionn ghoirid san sgioba nàiseanta aig ìre fo 21.

Tha na buidhnean mar a leanas;

Sguad nam Ban

Catrìona Gibb (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)

Iseabail Law (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)

Ceitidh Nic a' Phì (Àird nam Murchan)

Eilidh NicPhàidein (Àird nam Murchan)

Màiri Duncan (Àird nam Murchan)

Annie Dhòmhnallach (Àird nam Murchan)

Ceit Bradley (Àird nam Murchan)

Eilidh Ros (Àird nam Murchan)

Joanne Ford (Àird nam Murchan)

Sarah-Jane Fheargastan (Latharna)

Karen NicFhionngain (Latharna)

Ciorstaidh NicLeòid (Oilthigh Dhùn Èideann)

Sguad nam Fear

Greum MacIlleDhuibh (Oilthigh Obar Dheathain)

Mark Friseal (Oilthigh Obar Dheathain)

Jack Friseal (An Gearasdan)

Eòghainn Caimbeul (A' Mhanachainn)

Doneil MacLeòid (Srath Ghlais)

Iain Pàdraig Mac na Ceardaich (Camanachd Leòdhais)

Pòl Duke (Camanachd Leòdhais)

Eòghan Stiùbhart (Camanachd Leòdhais)

Iain MacNeacail (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)

Gilleasbuig MacDhòmhnaill (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)

Alasdair MacDhòmhnaill (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)

Niall Iain Caimbeul (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)

Calum Gibb (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)

Iain Mac a' Phearsain (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)

Alasdair Dunnings (Camanachd an Òbain)

Lawrence MacNeacail Belleni (Srath Spè)

Anndra Grace (Oilthigh Ghlaschu)

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile