Cumhachdan Eileanach gam foillseachadh
- Air fhoillseachadh

Foillsichear planaichean Diciadain airson tuilleadh chumhachdan a thoirt do na Comhairlean Eileanach.
Bidh Ministear nan Eilean, Derek MacAoidh, ann an Leòdhas a' sireadh bheachdan air Bile ùr nan Eilean.
Gheall Alex Salmond ann an 2013 gun tigeadh barrachd chumachdan do na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn.
Tòisichidh co-chomhairle Riaghaltas na h-Alba a-niste air bile gus sin a dhèanamh.
Tha ministearan am beachd an lagh atharrachadh gus dèanamh cinnteach gum bi sgìre pàrlamaid fa leth aig h-Eileanan an Iar aig Holyrood anns an àm ri teachd, mar a th' air a dhaingneachadh san lagh do dh'Arcaibh is Sealtainn mar thà.
Bidh mininstear nan Eilean, Derek MacAoidh ann an Leòdhas a' faighneachd, mar eisimpleir, am bu chòir smachd air agus airgead bho Oighreachd a' Chrùin a thoirt do na h-Eileanan, ged nach tèid gealltanas a dhèanamh air sin an-dràsta.
Their am ministear cuideachd gum bi iad a' sireadh bheachdan air plana nàiseanta airson Eileanan na h-Alba.