"Grunn thagraichean" 'son nurs Ratharsair

Ratharsair

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' coimhead air grunn thagraichean a dh'fhaodadh a dhol a dh'obair làn-ùine mar nursaichean ann an Ratharsair.

Tha muinntir an eilein mì-thoilichte gu bheil iad air a bhith gun seirbheis taobh a-muigh uairean-obrach àbhaisteach cuid mhath den t-Samhradh, gun fhios cuin a thèid an dreuchd a lìonadh.

Dh'aontaich am Bòrd Slàinte aig coinneimh san eilean Diluain, obrachadh còmhla ris a' choimhearsnachd feuch an dreuchd a dhèanamh nas tarraingiche do thagraichean.

Ach chaidh innse aig a' choinneimh gum bi deireadh an Damhair ann co-dhiù mus bi nurs làn-ùine stèidhichte san eilean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo