Taic do phlana Ghàidhlig Mhoireibh

  • Air fhoillseachadh

Thug comhairlichean ann am Moireibh taic Dimàirt do dhreach de Phlana Ghàidhlig dhan ùghdarras ionadail.

Chaidh innse do Chomataidh Poileasaidh 's Stòras na Comhairle gu bheil 1,100 duine san sgìre le diofar ìrean comais sa chànan a rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh.

Thèid co-chomhairle a dhèanamh air a' phlana a-nis, mus till e chun na Comhairle san Dùbhlachd.

Tha e mar fhiachadh air a h-uile ùghdarras ionadail an Alba plana Gàidhlig ullachadh fo Achd na Gàidhlig (2005).