Figearan airson Gàidhlig san dachaigh

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh

Thug fiosrachadh on chunntas-sluaigh mu dheireadh sealladh air na tha de Ghàidhlig ga bruidhinn san dachaigh ann an Alba.

Tha na figearan ag innse gu bheil 41% de chloinn eadar còig is 11 bhliadhna de dh'aois agus aig a bheil a' Ghàidhlig, a' fuireach ann an dachannan sa bheil eòlas air choireigin air a' Ghàidhlig aig a h-uile inbheach.

Cuideachd dh'innis 25,000 duine nas sine na trì bliadhna de dh'aois gum biodh iad a' cleachdadh a' chànain san dachaigh.

Sna h-Eileanan Siar, a rèir a' chunntais-shluaigh, bidh 73% de luchd-bruidhinn na Gàidhlig ga cleachdadh san dachaigh, a thuilleadh air 41.5% air Ghàidhealtachd, agus 33.4% an Earra-Ghàidheal is Bòd.

Tha figearan a chaidh fhoillseachadh roimhe a' sealltainn gun robh 57,375 duine an Alba a bhruidhneadh a' Ghàidhlig ann an 2011, agus 87,000 aig an robh ìre sam bith de dh'eòlas oirre.