Box Soccer
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Box Soccer ann an Leòdhas

30 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dòigh ùr airson sgilean buill-choise a leasachadh air tighinn gu Leòdhas, agus tha John Colquhoun leis a bheil na còirichean airson 'Box Soccer' den bheachd nach eil adhbhar sam bith ann nach tèid aig cluicheadair bhon eilean cluich sa Phrìomh Lìog ann an Sasainn a dh'aithghearr.

Dimàirt aig an ionad bhuill-choise ann an Coll Uarach, fhuair grunn choidsichean òga oideachadh air mar a bheir iad seachad trèanadh Box Soccer.

Tha an aithris seo aig Ruairidh Rothach.