Planaichean an A82 gan taisbeanadh

  • Air fhoillseachadh

Thèid planaichean airson deich mìle den A82 air bruaichean Loch Laomainn a leasachadh a thaisbeanadh Diciadain.

Tha an t-earrann den rathad eadar Inbhir Àrnain agus an Tairbeart gu math cumhang, lubach.

Bidh sreath de thaisbeanaidhean anns an sgìre far am faigh daoine cothrom am beachd a thoirt air na planaichean.

Bidh an taisbeanadh ann an talla nan trì bailtean san Àrar eadar meadhan là agus 7:00f.