Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cunntas-sluaigh

Tha 40% dhen na tha a' bruidhinn na Gàidhlig ga cleachdadh san dachaidh a-rèir an fhiosrachaidh as ùire bhon chunntas-sluaigh ann an 2011. Gu nàiseanta tha 25,000 duine, nas sine na trì bliadhna a dh'aois, ga cleachdadh aig an taigh. Thuirt beagan a bharrachd air 32,000 gu bheil iad air làn chomas - tuigse, labhairt, leughadh agus sgrìobhadh sa chànan. Tuigidh 23,500 duine i, ged nach bruidhinn, nach leugh 's nach sgrìobh iad i.

Bile nan Eilean

Chaidh dàil air Ministear Còmhdhail na h-Alba, Derek MacAoidh, ris a bheil dùil ann an Leòdhas an-diugh a dh'fhoillseachadh plana Riaghaltas na h-Alba 'son reachdas ùr a bheireadh tuilleadh chumhachdan dhan na sgìrean eileanach. Bha am plèana air a bheil am ministear a' siubhail fada gun falbh à Glaschu. Bidh Mgr MacAoidh, air a bheil dleasdanas cuideachd mar Mhinistear nan Eilean, ann an Steòrnabhagh a' cur conaltradh poblach air bhonn air Bile nan Eilean, a tha san amharc.

Afganastan

Tha feachdan NATO a' cur taic ri arm Afganastan a tha a' feuchainn ri baile Kunduz ann an ceann a tuath na dùthcha a thoirt air ais bhon Taliban, a ghabh smachd air a' bhaile a bhon-dè. Thug itealain chogaidh nan Stàitean Aonaichte ionnsaigh cuideachd air feachdan Taliban a tha a' feuchainn ri faighinn gu port-adhair na sgìre.

Siria

Thug Pàrlamaid na Ruis cead dhan Cheann-suidhe Putin feachdan a chuir a Shiria. Thuirt an Kremlin gun do dh'iarr Ceann-suidhe Shiria, Bashar al-Assad, taic orra.

Mumbai

Chaidh binn bàis air còignear anns na h-Innseachan a ghabh pàirt ann an sreath de dh'ionnsaighean ceannairc ann an 2006. Chaidh mu 200 duine a mharbhadh nuair a spreadh bomaichean air trèanaichean ann am Mumbai.

Tidsearan

Tha co-labhairt ann an Obar Dheathain an-diugh mun trioblaid le cion thidsearan anns a' cheann a tuath. Tha riochdairean bho Chomhairle na Gàidhealtachd a' deasbad ciamar a thèid aca air tidsearan a thàladh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil àireamh nas motha de dh'oileanaich a' trèanadh mar thidsearan agus gu bheil iad ag amas air Oilthigh Obar Dheathain agus Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Seirbheisean adhair eileanach

Chuir Comhairle nan Eilean Siar dìon air an dòigh anns a bheil iad a' ruith sheirbheisean adhair eadar na h-Eileanan an dèidh càineadh bho bhall na sgìre ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill. Thuirt esan gu bheil seirbheisean cho truagh 's gum bu chòir beachdachadh air an cuir fo smachd an Riaghaltais. Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gur iad seirbheisean dìreach gu tìr-mòr agus còmhdhail ionadail 's motha a tha a' faighinn prìomhachas aig co-chomhairleachadh mun chùis, seach seirbheisean adhair eadar na h-Eileanan.