A' bruidhinn ris an talla?

Tha a' ghrian air a bhith a' deàrrsadh air a' phàrtaidh Làbarach an t-seachdain-sa - as dèidh samhraidh stoirmeil.

Chuala am pàrtaidh an-dè òraid bho cheannard ris nach robh dùil aca.

Gu dearbh, nuair a thòisich an iomairt àite Ed Miliband a ghabhail, cha robh dùil aig Jeremy Corbyn fhèin gun dèanadh e a' chùis.

Ach, aig a' cheann-thall, fhuair e taic bho 59% de luchd-bhòtaidh, fada air thoiseach air Andy Burnham, Yvette Cooper agus Liz Kendall.

Fhuair e taic chan a-mhàin bho na buill ùra - mu 160,000 dhiubh on taghadh - neo bhon luchd-taic clàraichte a phàigh £3 airson cothrom bhòtaidh ach bho gach roinn dhen phàrtaidh.

Gach roinn seach bhuidheann nam ball-pàrlamaid anns na Cumantan.

Oidhirp

Tha toradh an taghaidh cheannais a' fàgail nach urrainn dhaibh gluasad na aghaidh - fhathast - agus mar sin cha do nochd an uidhir de sgàraidhean ann am Brighton an t-seachdain-sa na bha cuid an dùil agus cuid eile ag iarraidh.

Ach anns an òraid aige rinn Mgr Corbyn oidhirp mhòr meud an taic a fhuair e a chur nan cuimhne.

'S e an fhìrinn nach robh a' chuid as motha de bhuill-phàrlamaid Làbarach airson Jeremy Corbyn fhaicinn mar cheannard agus tha tòrr dhiubh fhathast teagmhach am faigh e taic bhon t-sluagh nuair a thèid iad do na h-ionadan bhòtaidh.

A dh'aindeoin sin, 's e fàilte bhlàth a fhuair an ceannard ùr bhon cho-labhairt.

Dh'iarr e poileataigs na bu choimhneile, na b' onaraiche, far am biodh daoine ag èisteachd ri càch a chèile, a' tighinn gu aonta, no ag aontachadh gun sin a dhèanamh.

Cha robh roghainn eile aige.

Ùghdaras

Thuirt Mgr Corbyn gur e poileataigs nan inbheach a bha seo, agus 's dòcha gun còrd sin ris an luchd-bhòtaidh a chanas gu bheil e sàraichte le luchd-poileataigs a' cur grèis air na faclan aca.

Ach air grunn chuspairean, is follaiseach mar-thà nach eil ùghdaras gu leòr aige stad a chur air daoine bruidhinn na aghaidh, fiù 's nam bu toil leis sin a dhèanamh.

Bha sin air leth soilleir anns an earrainn dhen òraid air Trident.

Dh'fheuch e ri dà rud a dhèanamh aig a' cheart àm - ag ràdh gun toireadh am pàrtaidh sùil ùr air ùrachadh an t-siostam armachd niuclasaich ach a' dèanamh soilleir gun robh e gu tur na aghaidh.

Is dòcha gun do chòrd sin ris an fheadhainn anns a' phàrtaidh a tha an aghaidh cur às dha Trident.

Ach dh'fhaodadh e cron a dhèanamh air a' chliù aige leis an fheadhainn a chur taic ris agus e a' gealtainn gun dèanadh e cùisean air dòigh eadar-dhealaichte.

Teachdaireachd

'S ann an Alba a bhios a' chiad choinneamh aig Mgr Corbyn leis an luchd-bhòtaidh.

Don fheadhainn ann an Alba a chuir an cùl ris a' phàrtaidh Làbarach o chionn goirid bha teachdaireachd shònraichte aige.

Thuirt e gun robh e ag aontachadh gun robh am pàrtaidh ann an Alba air a shlighe a chall ach gun robh e ag iarraidh air muinntir na h-Alba sùil ùr a thoirt orra.

Chòrd an òraid ris an fheadhainn a bha a' coimhead anns an talla.

Ach chan iad a-mhàin a tha a' toirt sùla air Jeremy Corbyn agus am pàrtaidh aige an-dràsta.

Chan eil tòrr ùine aige mus cuir an luchd-bhòtaidh romhpa an còrd na chì iad riutha.