Goireas foghlaim
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

"Bruidhinnibh Gàidhlig sna coimhearsnachdan"

30 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dè is coireach gu bheil Gàidheil tric a' diùltadh an cànan a bhruidhinn anns na coimhearsnachdan aca - fiù's ri clann a tha ann am fòghlam Gàidhlig?

Thog Ministear Chànanan na h-Alba, Alasdair Allan, a' cheist an-diugh 's e a' toirt seachad òraid aig co-labhairt thidsearan Gàidhlig.

Thuirt e gu feumaist freagairt fhaighinn agus a' chùis a leasachadh.

Gheall e cuideachd gun tèid neartachadh air Bile an Fhòghlaim a thaobh na Gàidhlig fhoillseachadh a dh'aithghearr.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.