Àrd-oifigear na Comhairle a' tabhainn leisgeul
- Published
Thabhainn Àrd-oifigear Chomhairle na Gàidhealtachd leisgeul mu uireasbhaidhean ann am pròiseact-togail sgoil ùir a tha a' frithealadh air bailtean Baile Màiri agus Drochaid Sguideil.
Chosg Bun-sgoil Bheinn Uais £862,000 a bharrachd na bhathas a' sùileachadh.
Dh'fhosgail an sgoil ann an 2012, às dèidh mar a chuir trioblaidean leis a' ghoileadair biomass, mullach an togalaich a bhith ag aodion agus dorsan nach dùineadh ceart maill air.
"Nàire"
Thuirt comhairlichean gum bu chòir "nàire" a bhith air an ùghdarras mun dòigh anns an deach pròiseact na sgoile a làimhseachadh.
Thuirt am ball airson Inbhir Pheofharain agus Sìophort, Alasdair MacFhionnghain, nach deach èisteachd ris na draghan a thog comhairlichean roimhe mun sgoil.
Dh'iarr esan gun nochdadh Àrd-oifigear na Comhairle, Steve Barron, aig coinneimh phoblaich anns an sgìre.
Leisgeul
Thabhainn Mgr Barron, a bha na stiuiriche air seirbheisean taigheadais agus togalaichean na Comhairle nuair a chaidh am pròiseact a chur air dòigh, leisgeul mun dòigh anns an deach a làimhseachadh.
Thuirt e gun robh e a' gabhail ris na gearainnean a thog na buill agus gun robh e airson leisgeul a thabhainn dhan choimhearsnachd agus do luchd-obrach na Comhairle.
Gheall e gun obraicheadh e còmhla ri oifigearan na Comhairle airson piseach a thoirt air na dòighean-obrach aca.