Sgoil an t-Òib
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leasachadh air aitreabh Sgoil an t-Òib

1 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha ceist air èirigh mu na thachras do dh'aitreabh Sgoil t-Oib anns na Hearadh.

Chuir a' chomhairle rompa an sgoil a leasachadh.

Chan eil feum an-diugh, ge-ta, ach air an aon thogalach.

Thòisich deasbad mu dè bu chòir tachairt dhan togalach eile, a tha an-dràsta na sgoil-àraich.

Tha roghainn ann a leagail, ach tha muinntir an àite airson a chumail mar ghoireas coimhearsnachd.

Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.