Plana èiginn a dhìth air NHS na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Ràthaig Mhòir

Thèid innse do choinneimh de Bhòrd NHS na Gàidhealtachd gum faodadh gum bi iad còrr 's £5m thairis air a' bhuidseat aca air a' bhliadhna seo.

A rèir Stiùiriche Ionmhais na buidhne, Nick Kenton, feumaidh iad plana èiginneach a chur air dòigh.

Ann an 2013/14 thuirt Comataidh nan Cunntasan Poblach gun robh laigsean bunaiteach ann an suidheachadh ionmhais NHS na Gàidhealtachd, agus gun robh leabhraichean cunntais na buidhne ann am bùrach.

Am-bliadhna fhuair NHS na Gàidhealtachd £9m a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba.

Ach is coltach gu bheil duilgheadasan mòra fhathast aig a' bhuidhinn.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh a' bhùird Dimàirt seo tighinn, canaidh Stiuiriche an Ionmhais gur dòcha gum bi iad £5m thairis air buidseat.

Tha cosgais mhòr an cois na seirbheis aig Osapdal an Ràthaig Mhòir, agus luchd-obrach eadar-amail fhastadh san sgìre

Innsidh e cuideachd gum feum am bòrd a-nis planaichean èiginneach a chur air dòigh.

Tha e ag ràdh gum bu chòir gearradh air ais air na th' aca de dhotairean eadar-amail am measg grunn rudan eile.