Talla Chrothaidh ga fosgladh às ùr

  • Air fhoillseachadh
Talla ChrothaidhTùs an deilbh, Jonathan Billinger/Geograph

Fosglaidh ionad coimhearsnachd Chrothaidh, faisg air Inbhir Narann, às ùr air an deireadh-sheachdain.

Thogadh e bho chionn ceud bliadhna, ach bha e a' feum obair càraidh mhòir.

Chaidh còrr 's £100,000 a chosg air bho chionn ghoirid.

Thèid sin a chomharrachadh Disathairne, agus là fosglaidh ga chumail.

Àite Cruinneachaidh Math

"Fhuair sinn aigead mòr o Mhaoin Dubhlain na h-Aimsire, £91,000," thuirt Chrissie NicDhòmhnaill a th'air a bhith sàs sa' phròiseact.

"Agus chuir sinn an uair sin a-steach airson Maoin a' Chrannchuir, 's fhuair sin £10,000 às sin.

"Thairis air na bliadhnaichean fhuair sinn £11,000 on Chomhairle airson rudan a dhèanamh, ach cha deach ùsaigeadh chun an-dràsta.

"Mar sin chaidh na bha sin a chosg air an talla.

"Ach gun teagamh, 's e talla mhath a th' ann. Chaidh a togail ann an 1908, agus cha deach cus a dhèanamh rithe riamh ach gun deach an dealan a chur innte 's rudan mar sin.

"Nuair a chaidh a togail an toiseach 's e teintean a bh' ann an trì de na rùmaichean.

"Chaidh pìos a chur air an talla an an 1984, far an do thog iad cidsin oirre, 's chuir iad beagan ionsalachd os cionn sin.

"Ach an-dràsta chaidh an lìnigeadh a thoirt far a h-uile balla a th' anns an talla, agus chaidh an lìnigeadh a-rithist.

"Chaidh an dealan a ueireadh às ùr, 's chaidh teasachadh ùr innte, agus tha na h-uinneagan a-niste uile le gloinne dhùbailte annta, agus na dorsan air an aon rud.

"Mar sin, tha sinn dìreach deiseil a-niste. Tha i gu math spaideil a-niste.

"'S e àite cruinneachaidh math a th' ann. Tha rudeigin innte a h-uile oidhche.

"Tha clann innte feadh an là, 's rudan mar sin. Tha i a' ciallachadh an t-uabhas dhan a h-uile duine timcheall.

"Sin far am bi na Cubs is na Scouts, is a h-uile rud a th' ann. Badminton, 's an WI.

"Tha feum mòr oirre," thuirt i.