Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Oregon

Thuirt an Ceann-Suidhe Obama gu bheil e na chùis tàmaillt dhasan nach eil miann phoileataigeach ann a bheir atharrachadh air lagh nan gunnaichean anns na Stàitean Aonaichte. Chaidh naoinear a mharbhadh nuair a thug fear le gunna ionnsaigh air colaiste aig Roseburg ann an Oregon mus do mharbh na Poilis esan. Tha aithrisean ann gun do rugadh an duine sin, Chris Harper Mercer, ann am Breatainn. Thuirt an Ceann-Suidhe Obama gur e fìrinn dhuilich na cùise gu bheil an leithid seo a' tachairt cho tric 's nach eil e a' cur mòran dragh tuilleadh air muinntir Aimeireaga.

Siria

Tha Ceann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin, ann am Paras aig a' chiad choinneimh eadar-nàiseanta bho thòisich an Ruis a' leigeil bhomaichean air Siria. 'S ann mun Ugràin a bu chòir dha na còmhraidhean a bhith an-diugh. Ach tha dùil gun cuir ceannardan na Frainge 's na Gearmailt ceistean air Mgr Putin, an ann air feachdan na Stàite Ioslamaich a tha e ag amas ann an Siria, no air na reubaltaich a tha a' sabaid an aghaidh feachdan a' Chinn-Suidhe Assad, caraid na Ruis.

Redcar

Gheall an Riaghaltas luach £80m de thaic dhan fheadhainn a chaill an cosnadh le dùnadh ionad stàilinn Redcar ann an ceann an ear-thuath Shasainn. Thèid an t-airgead a chur ri trèanadh às ùr, agus ri obraichean ùra a chruthachadh san sgìre. Dh'innis a' chompanaidh SSI dham buin ionad Redcar gun caill 1,700 duine an cosnadh.

Am Morair Janner

Tha dùil ri co-dhùnadh aig an Old Bailey an-diugh air a bheil am Morair Janner comasach air tagradh fo chasaid mu sheann chùisean de dhrabastachd. Chan fheum am Morair, a tha 86, a bhith an làthair. Chaidh cur às, an dèidh ath-sgrùdaidh, dhan cho-dhùnadh nach biodh casaidean ann ri linn 's gu bheil dementia air.

NHS na Gàidhealtachd

Dh'aidich Stiùiriche an Ionmhais aig NHS na Gàidhealtachd, Nick Kenton, gum feum iad plana èiginn ullachadh 's coltas ann gum bi am bòrd slàinte còrr is £4m os cionn buidseat na bliadhna. Bidh esan a' moladh do choinneimh a' bhùird an ath-sheachdain nas lugha a chosg air dotairean locum, a tha a' tarraing mòran de dh'airgead na seirbheis.

Mèar Lunnainn

'S e Zac Goldsmith a sheasas dha na Tòraidhean ann an taghadh a' Mhèar ann an Lunnainn anns a' Chèitean an ath-bhliadhna. Thuirt Mgr Goldsmith gum bi e ag iomairt air èiginn an taigheadais 's e ag ràdh gum feum mòran de mhuinntir Lunnainn am baile dham buin iad fhàgail leis gu bheil na taighean ann cho daor. Thuirt e gun cuireadh e cuideachd tuilleadh airgid ri lìonra còmhdhail a' bhaile.