Dùil ri obair air Caisteal an Toll Àird

  • Air fhoillseachadh
Caisteal an Toll ÀirdTùs an deilbh, William Craig/Geograph

Dh'fhaodadh gun tòisich obair an ceann beagan mhìosan air caisteal an Toll Àird ann an Earra-Ghàidheal a sgeadachadh.

Chaidh aontachadh an togalach 's an àrainn mun cuairt air a reic ri cupall às an sgìre a tha am beachd taigh-òsta is rudan eile a dhèanamh ann.

Tha reic a' chaisteil air a bhith connspaideach, 's e air faileachadh air buidhinn choimhearsnachd san sgìre sealbh fhaighinn air.

Bha eas-aonta ann eadar a' bhuidhinn agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mu phrìs an togalaich.

Am measg eile, tha an cupall a th' air a cheannach am beachd na gàraidhean a sgeadachadh, agus taigh-òsta le spà agus taigh-bìdh poblach na chois a dhèanamh anns an togalach fhèin.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil plana leasachaidh aig ìre adhartaich agus nach fhada gus an tòisich an obair.

Ach tha ath-chuinge le còrr air 1,000 ainm oirre ag iarraidh an caisteal a ghlèidheadh mar ionad dha na h-ealain, mar a b' àbhaist a bhith ann.

Tha taic aig an iomairt sin bho mu 100 cleasaiche agus neach-ealain.

Thuirt a' Chomhairle nach biodh e iomchaidh fiosrachadh mionaideach a thoirt seachad aig an ìre seo mun aonta a chaidh a ruighinn.